Soidhne ainm aig an Dr Grannd
Taigh-tasgaidh Dualchas Ghleann Comhann

Bhuineadh an clàr-ainm seo do dhotair teaghlaich air an robh meas mòr air a’ Ghàidhealtachd, an Dr Lachlann Grannd, a bha a’ frithealadh coimhearsnachd Bhaile a’ Chaolais fad 45 bliadhna gus an do chaochail e ann an 1945.

Bha an Dr Grannd na oileanach fìor chomasach ann an Sgoil Dotaireachd Oithigh Dhùn Èideann agus dh’fhaodadh e a bhith air grunn speisealachdan le deagh thuarastal a thaghadh. Ach an àite seo, thill e dhan Ghàidhealtachd an Iar airson a bhith na dhotair teaghlaich.

Bha e aig cridhe na coimhearsnachd aige, agus e fìor thaiceil dhan Ghàidhlig, air leth deidheil air ioman agus e na charactar inntinneach. Lìbhrig e iomadh leanabh Gàidhealach cuideachd!

Nuair a chaidh a chur às a dhreuchd mar oifigear meadaigeach Cuairidh Sglèat Bhaile a’ Chaolais ann an 1902, chuir e an uiread de dhragh air luchd-obrach is gun do chuir iad stàilcean air dòigh às a leth. Tha e coltach gun do shàraich e luchd-seilbh a’ chuaraidh le bhith a’ togail cheistean mu shuidheachadh an luchd-obrach.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1900s
Stuthan: Copar
Meudachd: 25cm x 8cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content