Clach Chruithneach le iolaire agus bradan
Taigh-tasgaidh Gheàrrloch

Tha a’ Chlach Chruithneach seo air a dèanamh de chlach-ghainmhich Thoirbheartan ionadail agus is dòcha gun deach a snaigheadh eadar AD 500 agus 700. Chaidh a lorg mu 1870, is dòcha ann an cladh ciste, agus chaidh a ghluasad gu grunn àiteachan eadar-dhealaichte ann an Geàrrloch mus tàinig e dhan Taigh-tasgaidh. Bha e air a chleachdadh roimhe seo mar stairsnich aig Taigh Flowerdal agus mar phàirt de bhalla a’ chladh ionadail.  

Bha na Cruithnich sa mhòr-chuid a’ fuireach ann an ceann a tuath agus taobh an ear na h-Alba aig deireadh Linn an Iarainn agus tràth sna Meadhan Aoisean. Tha fios againn mun deidhinn oir dh’fhàg iad obair-ealain agus clachan samhla neo-àbhaisteach air an còmhdach le dealbhaidhean rùnach. Ged a chaidh na ceudan de chlachan samhla Cruithneach a lorg air taobh sear na h-Alba, cha deach ach a dhà a lorg riamh air a’ chosta an iar air tìr-mòr – tè ann an Geàrrloch agus tè eile ann am Poll Iùbh. Dh’fhaodte gu bheil seo a’ ciallachadh gun robh Cruithnich a’ fuireach gu h-ionadail.  

Thathar den bheachd gu bheil na paidhrichean de shamhlaidhean air clachan Cruithneach a’ riochdachadh ainmean, agus a’ comharrachadh bàs, aig Cruithnich chudromach. ’S dòcha gu bheil an iolaire os cionn bradain air a’ chloich seo a’ ciallachadh 'mar chuimhneachan air Dunodnat, mach Nechtan'. Is dòcha gur e Cruithneach cudromach a bh’ ann an Dunodnat, le dlùth-dhàimh ris an rìgh.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 700 AD
Stuthan: Clach-ghainmhich
Meudachd: 98cm x 72cm x 14cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content