Clach Chruithneach le Crann na Beatha
Taigh-tasgaidh Taigh a’ Ghroinn
Tha a’ chlach Chruithneach seo a’ toirt fiosrachadh cudromach dhuinn mu dhaoine 1000 gu 1500 bliadhna air ais. Chaidh grunn chlachan mòra mar seo a lorg air feadh ceann a tuath na h-Alba. Thug na Ròmanaich an t-ainm picti air na Cruithnich, a’ ciallachadh daoine air am peantadh agus thàinig an t-ainm Beurla air na Cruithnich - Picts - às a sin.
’S e tè de chruinneachadh de chlachan snaighte a bh’ innte a bha air a stòradh ann an stòras seòmar-culaidh nach eilear a’ cleachdadh tuilleadh a bha ceangailte ri Eaglais Ros Maircnidh. Tha an dealbhadh, a tha ga shealltainn ann an rilif, a’ gabhail a-steach 'craobh beatha'. Bidh am motif seo a’ nochdadh uair is uair thairis air cultaran, creideamhan, agus faoin-sgeulachd, a bharrachd air a’ Bhìoball, a’ nochdadh mar a thathar gu tric a’ smaoineachadh gu bheil craobhan naomh.
Tha clais air an dà thaobh a’ sealltainn gur dòcha gun deach a’ chlach a dhealbhadh airson a bhith a dhol am bronn carragh-cuimhne no naomh-chobhan ann an cumadh bogsa.