Òtrach
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar
Cò aig a bha fios gum faodadh sgudal a bhith cho fiosrachail? Tha an t-òtrach seo a Meadhan-linn na Cloiche, a’ toirt tòrr eòlais do dh’arc-eòlaichean air daoine san àm a dh’fhalbh.
Gu tric, gheibhear fios ann an òtraich mu na dh’ith daoine san àm a dh’fhalbh, mun àrainneachd, agus fiù ’s fiosrachadh sòisealta is cultarail. Thàinig an sgudal cidsin seo à Cnoc Sligeach, làrach arc-eòlais ann an Orasa anns na h-Eileanan A-staigh.
Tha e a’ gabhail a-steach sgioban bàirnich a rinneadh à molagan - molagan a bhiodh air an cleachdadh gus an fheòil a thoirt a-mach à bàirnich, agus grunn nithean eile, a’ gabhail a-steach cnàmhan, dà shlige eisir eile, agus sligean eile de dhiofar meudan.
Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut: