Tuagh Linn na Cloiche
Ionad Dualchais Bhùra

Seo ceann tuaigh lìomhaichte a rinneadh rè linn ùr na cloiche, eadar 4,000 agus 10,0000 bliadhna air ais! Bhiodh e air a bhith ceangalte ri bata fiodha, gus am gabhadh a chleachdadh mar thuagh làimhe an latha an-diugh.

Bha feum aig daoine air tuaghan gus craobhan a leagail agus gus fiodh a chumadh airson innealan, àiteachan-còmhnaidh is nithean eile. Ach, thathar a’ creidsinn cuideachd gun robh cleachdadh deas-ghnàthach aig cuid de thuaghan cloiche cuideachd, leis gu bheil mòran air an lorg nach deach a chleachdadh agus gu math lìomhte.

Tha am fear seo a’ sealltainn gun deach beagan milleadh a dhèanamh air a cheann fharsaing, ach tha an còrr dheth fhathast slàn agus lìomhte. An e tuagh deas-ghnàthach a bha seo a chaidh a mhilleadh gun fhiosta no inneal obrach, a chaidh a sgoltadh nuair a bha e ga chleachdadh?

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 4,400 – 2,000 BCE
Stuthan: Clach
Meudachd: 12cm x 5cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content