Tàthas
Taigh-cùirte Chrombaigh

Rabhadh susbaint – dh’fhaodte gun cuir an nì seo dragh air cuid de luchd-tadhail.

Is e stiall leathair a th’ anns an tàthas le ceann sgolte a chaidh a chleachdadh mar pheanas ann an Sgoiltean na h-Alba.

Is ann ainneamh a bhathar a’ cleachdadh an t-ainm cheart air an tàthas oir mar as trice, b’ e an ‘strap’ no an ‘crios’ a bhiodh aig daoine air. Chaidh a chleachdadh gus bas làmh a bha sìnte a-mach a bhualadh, no fiù ’s gus clann a bhualadh air a’ mhàs. Mar bu trice bha an làmh air a shìneadh a-mach air beulaibh a’ chlas mar chulaidh-bhacaidh do chàch. A rèir aithrisean, chaidh am peanas a thoirt do bhalaich na bu trice na nigheanan.

Chaidh an eisimpleir seo a chleachdadh fhad ’s a bhathar a’ sgeadachadh taigh ann an Cromba agus tha e coltach gun deach a chleachdadh ann an Sgoil Chrombaidh san 19mh linn. Chaidh cleachdadh an tàthais a thoirmeas ann an sgoiltean bho 1988.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1870-1900
Stuthan: Leathair
Meudachd: 60cm x 5cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content