The Methods of Construction of Celtic Knotwork
Taigh-tasgaidh Taigh a’ Ghroinn

Chaidh an duilleag foghlaim seo a dhealbhadh le George Bain (1881-1968) a bha na neach-ealain is neach-foghlaim a rugadh ann an Scrabster ann an Cataibh. Bha ùidh-mhòr aig Bain ann an clachan Cruithneach grinn, ann an làmh-sgrìobhainnean soillsichte bho thràth sna meadhan aoisean agus ann an obair-mheatailt sgeadaichte à Breatainn agus Èirinn.

Rinn e dealbhan mionaideach de na dealbhaidhean agus chruthaich e dòigh stiùiridh gus daoine eile a chuideachadh gus an ath-chruthachadh tro shreath de cheumannan sìmplidh agus gus an cumail a’ dol anns a’ choimhearsnachd air a’ Ghàidhealachd.

Na neach-foghlaim gu cùl, chruthaich e postairean mòra airson nan clasaichean is òraidean aige mu ealain Cheilteach. Tha cuimhe aig sgoilearan ealain aig Àrd-sgoil Chair Chaladainn, far an robh e na phrìomh thidsear ealain, is gun robh an seòmar aige air a sgeadachadh le tòrr dhealbhaidhean mòra.

Seo tè de na duilleagan stiùiridh aige, a’ sealltainn mar a tharraingeas tu eadar-fhigheadh ann an sreath de dh’ìrean. Tha nòta ann am peansail aig bonn na duilleige air an taobh dheas ag ràdh ‘Children’s Magazine Plate 2’, ach cha b’ urrainn dhuinn lorg fhaighinn air an fhiollseachadh seo.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1940s
Stuthan: Inc air pàipear
Meudachd: 25.5cm x 32cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content