Basgaid chearcan-fraoich
Ionad Dualchais Bhùra
Dh’èirich sealg chearcan-fraoich gu math mòr-chòrdte ann an linn Bhictoria, a’ fàs na phàirt chudromach de ghnìomhachas na turasachd air a’ Ghàidhealtachd.
Tha a’ bhasgaid seo air iasad bhon teaghlach Dudgeon aig Tuathanas is Oighreachd Chracaig, tuath air Brùra. Tha e air aon de phaidhir a bhiodh air a cheangal ri pònaidh beinne airson eòin-seilg a ghiùlan air ais gu loidse na h-oighreachd. Thachair seo air 12 mh Lùnastal gach bliadhna agus b’ e ’The Glorious Twelfth’ a bh’ air.
Ann an 1866, chlàraich oighreachd Achadh an t-Sabhail agus Garnsary ann an Cataibh gun deach 2,237 cearcan-fraoich a mharbhadh.
Nuair a bha gnìomhachas tuathanachas chaorach a’ crìonadh ann an Alba mar thoradh air in-mhalairt uan is clòimh à Astràilia agus Sealan Nuadh, bha sealg chearcan-fraoich a’ toirt cothrom do dh’oighreachdan iomadachadh.
Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut: