Bòrd sgiùrsaidh
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar

Rabhadh susbaint. Dh’fhaodte gun cuir an nì seo dragh air cuid de luchd-tadhail.  

Tha am bòrd beithe seo bhon t-seann taigh-cùirte sa Ghearasdan far an robhar a’ sgiùrsadh dhaoine.   

Chaidh a chleachdadh mu dheireadh ann an 1948, nuair a chaidh balach 15-bliadhna a dh’aois a sgiùrsadh airson a bhith a’ goid bho bhùithtean. Tha e furasta dìochuimhneachadh san latha an-diugh nach eil e cho fada bhon a bhathar den bheachd gun robh peanasachadh corporra iomchaidh agus feumail mar pheanas agus mar bhacadh.  

Bha e gu tric air a thoirt seachad do luchd-dèanaidh eucoirean beaga gu meadhan an fhicheadamh linn. Bha aig an neach a bha gu bhith air a sgiùirseadh a bhith a’ laighe air bòrd beul fodha le an gàirdeanan ceangailte fodha, agus leis na casan air an cumail an àite le strapan làidir. Bhathar an uair sin a’ cleachdadh pasgan de shlatan beithe rùisgte gus tòn rùisgte an neach a chuipeadh. Uaireannan bhiodh an cùl agus na guailnean air an cuipeadh. Bha seòrsa, àireamh agus cuideam nan geugan a chaidh a chleachdadh (a bharrachd air an àireamh de bhuillean) eadar-dhealaichte a rèir cho dona ’s a bha an eucoir.   

Fon lagh, dh’fheumadh dotair a bhith ri làimh nuair a bha na peanasan sin gan toirt seachad.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1900-1940
Stuthan: Fiodh
Meudachd: 153cm x 118cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content