Mòlltair arain ghoirid
Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd

Bha a' mhòr-chuid de bhiadh air an dèanamh aig an taigh san linn Bhictorianaich, a' gabhail a-steach ìm, aran, agus briosgaidean.    

Bha aran goirid furasta a dhèanamh le dìreach trì rudan ann – flùr, ìm is siùcar, neo fiù ’s dìreach flùr is ìm!   

Aon uair ’s gun robh an taois air a dèanamh agus air a cur ann am paitean, chaidh mòlltair fiodha mar seo a chleachdadh gus pàtran a stampadh air an aran ghoirid mus rachadh e dhan àmhainn.   

Bha na preasan fiodha seo air an dèanamh le làimh agus air an snaidheadh le luchd-ciùird ionadail agus bha iad rim faighinn le grunn diofar dhealbhaidhean. Tha am fear seo a’ taisbeanadh cluaran traidiseanta, flùr na h-Alba. ’S ann à Tobar Mhoire a thàinig seo. 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1900s
Stuthan: Fiodh
Meudachd: 10cm x 10cm x 5cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content