Sgian à Cùil Lodair
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar

Tha an sgian seo ann an staid gu math duilich an-diugh, ach bha pàirt chudromach aice ann an eachdraidh na Gàidhealtachd. Chaidh a lorg faisg air Mòinteach Dhruim Moisidh, faisg air Inbhir Nis, aig làrach Blàr Chùil Lodair, am blàr mu dheireadh den 45.

B’ e am blàr seo a chuir crìoch air dòchasan nan Seumasach gum biodh rìgh Stiùbhartach ann, nuair a rinn arm riaghaltas Breatainn fo ’Bhuidsear Cumberland’ a’ chùis air feachdan a’ Phrionnsa Theàrlaich.

Chaidh am ball-airm a thoirt dhan taigh-tasgaidh air iasad an toiseach ann an 1925 leis a’ Bh-ph A Mansfield Fhoirbeis a bha na caraid don fhear a stèidhich an taigh-tasgaidh.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1745
Stuthan: Meatailt
Meudachd: 20cm x 3cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content