Sgian agus bràiste commando
Ionad Dualchais Bhùra

’S ann le James 'Jim' Manson Sutherland nach maireann (1912-2006) à Brùra a bha an sgian seo. Bha Jim air gabhail ann an Arm Breatannach ro thoiseach an Dàrna Cogaidh agus bha e air seirbheis a dhèanamh ann am Palistin, far an do dh’ionnsaich e Arabais a bhruidhinn gu fileanta. Nuair a stèidhich am Prìomhaire Winston Churchill na Commandothan ann an 1940, bha Seumas am measg nan ciad 100 fear a ghabh ann. Bha na Commandothan air an trèanadh ann an dòighean-obrach a bha air am meas cealgach agus gun a bhith a’ leantainn nan 'riaghailtean' àbhaisteach. Bha Churchill airson aonad sabaid 'salach' sgileil le àrd-ìre de thrèanadh a chruthachadh, gus eagal a chur air an nàmhaid

Às dèidh dha pàirt a ghabhail ann an iomadh iomairt Commando nuair a bha e ann an Afraga a Tuath ann an 1941, ghabh Jim gu saor-thoileach ann an aonad aig ìre nas àirde buileach aig a’ cho-chommando, an Caiptean Dàibhidh Stirling, às an tàinig an t-Seirbheis Adhair Sònraichte, an SAS. Aig an toiseach, cha robh anns an fheachd sabaid ùr seo ach dìreach 60 fir agus ceathrar oifigearan. Le bhith ag amas air ionadan-adhair nàmhaid, mìltean air cùl loidhnichean na nàmhaid, rinn na h-aonadan SAS iomadh creach dàna ach soirbheachail.

Às dèidh na h-iomairt Afraganaich, chaidh Jim a-steach dhan 1d Roinn Adhair agus dh’obraich e còmhla ri Résistance na Frainge. Rinn e seirbheis an uair sin ann an Nirribhidh leis a’ 1d Feachd-adhair gus cuideachadh le saoradh Nirribhidh sa Chèitean 1945.

Chaidh Jim a leigeil à seirbheis an airm às dèidh a’ chogaidh agus, airson ùine ghoirid choisinn e bith-beò mar raighdear motair-baidhc air ‘balla a’ bhàis’. Chaidh e air ais a Bhrùra nuair a leig e dheth a dhreuchd.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1940
Stuthan: Meatailt
Meudachd: 29cm x 5cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content