Brice à Brùra
Ionad Dualchais Bhùra

Tha a’ bhreige shìmplidh seo na h-eisimpleir de na deichean de mhìltean a rinneadh ann am Factaraidh Breigichean Bhrùra agus i a’ toirt dhuinn sealladh air a’ ghnìomhachas chudromach seo, aig àm an Regency.

Ann an 1818, stèidhich Oighreachd Chataibh factaraidh nam breigeichean ri taobh mèinn guail Bhrùra. Chleachd e gual Bhrùra gus na h-àthan a losgadh, agus chaidh crèadh nam breigichean a thoirt a-mach à sloc faisg air làimh.

Anns a’ chiad bhliadhna aca, chuir factaraidh nam breigeachan 4,000 berige agus 2,300 leac a-mach tro Chala Bhrùra. Ach, ron ath bhliadhna, bha seo air dùblachadh, ag èirigh gu 10,700 breige, a’ sealltainn an iarrtais a bha ann timcheall air Linne Mhoireibh airson breigichean Bhrùra.

Ach, bha leas an fhactaraidh bhreigichean dlùth-cheangaite ri leas na mèinne, mar a chunnacas dèidh bliadhna às dèidh sin. Nuair a bha call mòr ann an teachd a-steach na mèinn às deidh cur às dhan chìs air salann, dhùin an dà chuid a’ mhèinn agus obair-lann nam breigichean. Cha robh fèill air gual tuilleadh airson gnìomhachas salainn na h-Alba.

Cha b’ e sin deireadh na mèinneadaireachd ann am Brùra, ge-tà. Chaidh gnìomhachasan guail agus breige Bhrùra ath-bheothachadh leis an treas Diùc Chataibh ann an 1870.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1818-1828
Stuthan: Crèadha
Meudachd: 22cm x 10cm x 8cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content