Muidhe Ìme
Taigh-tasgaidh Ulapuil

Bhiodh am muidhe ìme seo air a chleachdadh ann an dachaigh dhùthchail air a’ Ghàidhealtachd.  

Bha raiseanadh ann tron RA air fad tron Dàrna Cogadh. Bha e doirbh gnothaichean làitheil leithid ìm fhaighinn mar thoradh air seo. Gu fortanach, tha ìm gu math furasta a dhèanamh. Bithear a’ cur uachdar anns a’ mhuidhe ìme – bidh am pròiseas maistreachaidh, a’ sgaradh an uachdair gus am bi blàthach agus ìm ann. Gabhaidh a chur ann an paitean le pleadhagan no fiù ’s a sgeadachadh le stampa.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1940s
Stuthan: Meatailt, glainne
Meudachd: 33cm x 14cm x 14cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content