Doile Cabbage Patch
Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd

Bha doileagan Cabbage Patch Kids air aon de na dèideagan as mòr-chòrdte anns na 1980an. Bha iad rim faighinn ann an grunn stoidhlichean le diofar dhathan fuilt, èideadh agus sgeadachadh.  

Thàinig gach doile le teisteanas uchd-mhacachd airson an t-sealbhadair ùir aice, a’ mìneachadh ainm sònraichte agus co-latha-breith na doile. Is dòcha gur ann air an adhbhar seo a bha iad cho ion-mhiannaichte is gun robh daoine cho dèidheil air a bhith gan cruinneachaidh. Gu mì-fhortanach, chan eil an teisteanas uchd-mhacachd aig an doile seo na cois tuilleadh. 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1980s
Stuthan: Plastaig, aodach
Meudachd: 40cm x 20cm x 15cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content