Baga sgoile cairt-bhùird
Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd

Bha am baga-sgoile cairt-bhùird seo air aon de na tìodhlacan a thug Sir Janes Coats, ball den teaghlach Coats à Pàislig, do chloinn san naoidheamh linn deug, teaghlach a rinn am fortan bho bhith a’ dèanamh snàithlean. 

Tha an teaghlach cliùiteach airson an cuid obair charthannach, uaireannan mar thoradh air sgàth creideamh làidir an teaghlaich agus an dlùth cheangal ris an eaglais.

A bharrachd air pocannan-sgoile mar seo, agus bòtannan a rinn e do chloinn, dh’òrdaich James Coats bèilichean den Chlò Hearaich, a’ toirt obair do na h-eileanaich, agus thug e do thàillear ann am Pàislig iad gus deiseachan a dhèanamh do dh’fhir òga a’ bhaile. 

Chaidh ceanglaichean a chruthachadh eadar Pàislig agus a’ Ghàidhealtachd le Gàidheil a rinn imrich agus iad a’ sireadh obraichean math anns na muilnean.

Bha an sgoil gu math eadar-dhealaichte anns na 1930an bho sgoiltean san latha an-diugh! Mar eisimpleir, bha e comasach do chloinn an sgoil fhàgail aig dìreach ceithir bliadhna deug a dh’aois agus a dhol a-steach do shaoghal na h-obrach. Bha iad air an teagasg aig deasgaichean fiodha agus bha na tidsearan aca a’ sgrìobhadh air bòrd dubh le cailc.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1920
Stuthan: Cairt-bhòrd, rubair
Meudachd: 30cm x 20cm x 7cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content