Trubhal cuimhneachaidh
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Chaidh an trubhal seo a chleachdadh aig cuirm a bha a’ comharrachadh toiseach togail Institiud Crìosdail Bhictoria do dh’fhir is boireannaich òga Bhaile nan Granndach. Chaidh a chrìochnachadh ann an 1897 agus chaidh a mhaoineachadh le fo-sgrìobhadh poblach agus le tiodhlac bhon Bhanrigh Bhictòria mar phàirt de chomharrachadh na h-iubaili aice.

Chaidh an trubhal a thoirt do dh’uachdaran Baile nan Granndach, a’ Bhan-iarla Seafield a chuir sìos a’ chlach-stèidh. Bha i am measg mòran Bhictorianach beairteach a bha den bheachd gum biodh gnìomhachd shòisealta agus spòrsail nam buannachd do dhaoine bochda sa chomann-shòisealta. Chaidh an institiùd a dhealbhadh le talla spòrs, seòmar-teatha agus seòmar-leughaidh ann.

Tha an togalach ga chleachdadh mar ionad coimhearsnachd an-diugh.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1800s
Stuthan: Meatailt, adharc
Meudachd: 35cm x 10cm x 4.5cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content