Bòtann Òir
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Bhiodh bùthan gu tric a’ cleachdadh samhlaidhean gus an ceàrd aca a chomharrachadh, gu h-àraidh air sràidean trang far nach robh mòran rùm ann airson sanasachd le bùird-soidhne mòra. San t-suidheachadh seo, bha am bòtann oir a’ sealltainn gun robh bùth bhrògan ann. Bha comharran samhlaichean cuideachd ga dhèanamh furasta diofar luchd-malairt a chomharrachadh do dhaoine aig nach robh comas leughaidh.

B’ àbhaist dhan bhòtann peantaichte fiodha seo a bhith crochte taobh a-muigh bùth bhrògan Phàdraig Grannd air an t-Sràid Àrd, Baile nan Granndach.

Tha am bòtann òir aon de na suaicheantasan as sine a th’ ann agus chaidh a chleachdadh air feadh an t-saoghail. Tha soidhnichean ciùird mar seo fhathast rim faicinn air na sràidean againn: smaoinich air a’ phòla borbair stiallach, samhla na croise airson ceimigear no bùth-chungaidhean.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1830-1880
Stuthan: Fiodh
Meudachd: 47cm x 15cm x 69cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content