Gaotharan bàla Thaigh an Ròid
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar

Chaidh an gaothraran Seumasach seo a dhèanamh airson Ball Lùchairt Thaigh an Ròid ann an 1745. Thathar den bheachd gun deach a dhèanamh leis a’ ghràbhalaiche Sir Robert Strange, neach-taic aithnichte aig na Seumasaich.

Bha am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart (1720-88) air adhartas mòr a dhèanamh leis an oidhirp aige rìgh-chathair Bhreatainn fhaighinn air ais airson athair, Seumas Frangan Eideard, mac Sheumais VII agus II. San t-Sultain 1745, ghabh Teàrlach smachd air Dùn Èideann agus stèidhich e a chùirt aig Lùchairt Thaigh an Ròid gu deireadh na Dàmhair 1745 nuair a dh’fhàg e Dùn Èideann agus e an dùil arm na bu mhotha a thogail air an t-slighe a Lunnainn.

Air a dhèanamh de phàipear agus maidean ìbhri, tha seo na eisimpleir de phropaganda Seumasach, a’ sealltainn a’ Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart air gach taobh leis an dia Mars agus a’ bhan-dia Bellona, Dia agus Ban-dia Ròmanach a’ chogaidh gus an soirbheachas armailteach ris an robh dùil a chomharrachadh. Aig an aon àm, thathar a’ sealltainn na Hanòbhaireanaich, ‘an-shealbhadair’ rìgh-chathair Bhreatainn a’ ruith air falbh.

Thathar ag ràdh gun deach na gaothrain seo a thoirt do bhoireannaich a bha an làthair aig a’ bhall. Tha e na eisimpleir mìorbhaileach agus tearc de chultar stuthach nan Seumasach. Às dèidh deireadh a’ 45 aig Cùil Lodair, bhiodh rudan mar seo a bha a’ ceangal duine sam bith ris a’ bhall aig Lùchairt Thaigh an Ròid air am falach neo fiù ’s air an sgrios.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1745
Stuthan: Pàipear, ìbhri
Meudachd: 27cm x 13cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content