Crois Iarainn
Ionad Dualchais Bhùra

Rabhadh - dh’fhaodte gun cuir an nì seo dragh air cuid de luchd-tadhail.

Tha e àbhaisteach gu leòr buinn agus cuimhneachain cogaidh a lorg bho raon de dhùthchannan taobh a-staigh taighean-tasgaidh Bhreatainn. Thòisich a’ Chrois Iarainn ann am Prussia aig àm Cogaidhean Napoleon. Ach, thàinig e gu bhith na shamhla air gaisgeachd Ghearmailteach agus chaidh ath-stèidheachadh grunn thursan, nam measg aig àm an Dàrna Cogaidh.

Chaidh am bonn Crois Iarainn Gearmailteach seo a thoirt seachad ann an 1939 agus tha motif swastika nan Nàsach air, a chaidh a chur ris na buinn air a’ bhliadhna sin. Bha an swastika a’ riochdachadh glainead nan Aryan agus tha e a-nis ga fhaicinn mar shamhla de ghràin agus fòirneart.

Gu neo-àbhaisteach, tha na tùs-litrichean ann an ainm James Manson Sutherland, (1912-2006), à Brùra air a stampadh air taobh shìos na croise.

Bha James, air an robh Jim mar as trice, am measg nan ciad ceud duine a bha nan saor-thoileach san aonad ’Commando’ ùr. Fhuair e trèanadh ann an Achadh na Càiridh, mu dheich air fhichead mìle air falbh bhon Ghearasdan air taobh siar na Gàidhealtachd. Chaidh sgilean ‘cogaidh neo-àbhaisteach’ a theagasg do na feachdan sònraichte seo agus bha obair gu math cudromach - agus gu math cunnartach - aca ri dhèanamh san Dàrna Cogaidh.

Nuair a bha Jim sna Commandothan agus san t-SAS, bha e an sàs ann an grunn diofar raointean cogaidh san Roinn Eòrpa eadar 1939 agus 1945, a’ gabhail a-steach na Frainge, Afraga, nan Tìrean Ìsle agus Nirribhidh. Bhiodh e air sabaid leis an nàmhaid gu tric, a’ gabhail a-steach dlùth-shabaid. Ach, chan eil fios againn ciamar dìreach a fhuair e am bonn seo bho shaighdear air an taobh eile. Tha e coltach gun tug e leis e mar chuimhneachan air a’ bhlàr. Tha beachdan mu bhith a’ gabhail cuimhneachain den t-seòrsa seo air atharrachadh thar ùine agus tja mòran dhaoine den bheachd a-nis nach eil seo iomchaidh tuilleadh.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1939-1945
Stuthan: Metailt, ribean, marmoir
Meudachd: 3.5cm x 4cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content