Carragh-cuimhne MhicCoinnich
Ionad Eòlas Thairbeart
Tha an carragh mòr seo na sheasamh sa chladh aig Ionad Eòlais an Tairbeirt. Air a dhealbhadh mar uaigh thraidiseanta, tha an ‘doras gu Nèamh’ air a chuairteachadh le colbhan Corintianach agus na shuidhe fo sgàil claigeann is chnàmhan.
Tha an carragh-cuimhne air a’ bhlàr a-muigh na chuimhneachan air teaghlach MhicCoinnich, a tha air an tìodhlacadh am broinn na h-eaglaise fo phlac MhicCoinnich.
B’ e teaghlach air leth cudromach air feadh na Gàidhealtachd a bh’ ann an teaghlach MhicCoinnich. Bho thràth san ochdamh linn deug, bha dreuchdan cudromach aig buill den teaghlach leithid Morairean, Iarlan, Morair an t-Seisein, Diùcan, Seanalairean a’ Cheartais, agus Rùnairean Stàite. Tha an carragh-cuimhne mòr seo a’ sealltainn cho àrd ’s a bha an inbhe aig cuid ann an teaghlach MhicCoinnich.