Leac cuimhneachaidh MhicCoinnich air balla corp na h-eaglaise
Ionad Eòlas Thairbeart

Tha am balla cloiche seo a’ coimhead gu math àbhaisteach an toiseach. Ach, ma nithear sgrùdadh nas mionaidiche, chì thu gu bheil gràbhalaidhean toinnte air na clachan ìosal. ’S e leacan snaighte a th’ annta seo, a tha mar as trice air an cur air làr eaglaise gus àite adhlacaidh a chomharrachadh. An seo, chaidh an ath-chuairteachadh mar bhallachan aig corp-eaglais.   

Tha fear de na gràbhalaidhean a’ sealltainn damh, samhla teaghlach MhicCoinnich. Bidh seo a’ nochdadh ri taobh claigeann is cnàmhan-croise, a tha nam ‘memento mori’ – samhla gus ar bàsmhorachd a chur nar cuimhne.   

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1746
Stuthan: Clach
Meudachd: 89cm x 125cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content