Brògan boireannaich
Taigh-tasgaidh Inbhir Narann

Bheir na brògan boireannaich fasanta seo sealladh àlainn dhuinn air fasanan tràth san fhicheadamh linn. Le sàilean beaga, tha iad air an dèanamh à suede dubh le pàtran breacte glas, air a dhealbhadh airson a bhith air an cheangal le barrallan.

Tha na buinn-lìnigidh a’ sealltainn gun deach na brògan seo a dhèanamh le ’Marshall Snelgrove’ agus gum biodh iad air a bhith gu math daor. Stèidhich John Snelgrove an gnìomhachas ann an 1838 agus thàinig an com-pàirtiche James Marshall a-steach dhan ghnìomhachas còmhla ris deich bliadhna às dèidh sin.

Stèidhich iad gnìomhachas aodaich is stuth-aodach cliùiteach aig an robh togalach mòr air Sràid Oxford, Lunnainn. Leudaich fear de mhic an stèidheadair, Seumas C Marshall, an gnìomhachas, a’ fosgladh raon de mheuran ann an ceann a tuath Shasainn, nam measg Harrogate, Leeds agus Iorc. Às deidh buaidh a’ Chiad Chogaidh air gnìomhachas, chaidh an stòr còmhla ri Debenham agus Freebody.

Chaidh na brògan a thoirt do Thaigh-tasgaidh Inbhir Narann leis a’ Bh-ph Ros Wordie à Inbhir Narann. Bhiodh iad air an caitheamh bho thùs le boireannach spaideil agus fasanta agus tha iad a’ toirt dhuinn deagh chomharra air na cleachdaidhean ceannach a bh’ aig Gàidheil bheairteach aig toiseach an fhicheadamh linn.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1910s-20s
Stuthan: Suede
Meudachd: 28cm x 10cm x 10.25cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content