Leabhraichean lagha
Taigh-cùirte Chrombaigh

Tha 33 leabhraichean, air an ceangail le leathar, sa chruinneachadh seo ann an Taigh-cùirte Chrombaigh. Is iad sin na ‘Reachdan Poblach’, no reachdas air an cur an gnìomh (no air aontachadh) bho 1805 gu 1896. Tha an ùine seo a’ gabhail a-steach rìoghachdan Rìgh Seòras IV, Rìgh Uilleam IV agus na Banrigh Bhictoria.   

Bha iad air an cumail ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Cromba uair agus bha iad nan goireas riatanach dhaibhsan a bha ag obair ann an dreuchdan co-cheangailte ris an lagh. Bheir iad sealladh dhuinn air iom-fhillteachd an lagha agus air cho toinnte ’s a bha am pròiseas gus fiosrachadh sònraichte a lorg.     

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1800s
Stuthan: Leathar, pàipear
Meudachd: 36cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content