Aileabart no pìc-catha bho Linn an Umha agus modail dheth bhon latha an-diugh
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar

Rè Linn an Umha, bha aileabartan mar seo air an cleachdadh mar bhall-armachd, a bharrachd air sealg agus is dòcha fiù ’s mar shamhlaidhean air inbhe agus cudromachd.

An-diugh, tha iad air an aithneachadh mar nithean àrc-eòlais luachmhor a tha a’ toirt dhuinn fios mu bheatha dhaoine san àm a dh’ fhalbh. Thathar a’ smaoineachadh gun deach seo a dhèanamh uaireigin eadar 1300 agus 1600 BC. Chaidh a lorg aig Coille an Lèanachain nuair a bha Coimisean na Coilltearachd a’ togail slighe anns na 1960an.

A bharrachd air an nì tùsail, tha lethbhreac aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar cuideachd. Faodaidh modailean mar seo de nithean àrsaidh a bhith glè fheumail airson adhbharan foghlaim - faodaidh am poball an làimhseachadh gun a bhith a’ dèanamh cron air an nì tùsail. Tha a bhith a’ làimhseachadh mac-samhailean de nithean cuideachd a’ sealltainn dhuinn dè an cuideam a th’ aca agus mar a tha iad a’ faireachdainn.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1300 – 1600 BCE
Stuthan: Umha
Meudachd: 9cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content