Bogsa Màrcaineachd
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar
Tha am bogsa seo sònraichte airson a mhàrcaineachd - obair air a dhèanamh le pìosan fiodha beaga de dhiofar dhathan. Chaidh a dhèanamh le Prìosanach Cogaidh Gearmailteach aig campa phrìosanach Cheann Loch Lìobhann aig àm a’ Chogaidh Mhòir.
Bha an campa ann bho 1916-1919. ’S e Campa Loch Eilde a chanar ris cuideachd agus bha e na phàirt de lìonra campaichean phrìosanaich cogaidh Bhreatainn agus bha e ag obair mar fho-champa aig Campa Stobs anns na Crìochan. ’S e prìosanaich cogaidh Gearmailteach as motha a bha sa champa ach bha beagan luchd-diùltaidh cogaiseach Breatannach ann cuideachd. Chaidh an campa a dhùnadh às dèidh deireadh a’ chogaidh ach chithear cruth a’ champa gu math chun an latha an-diugh.
Chaidh a thoirt do Janet Weir Adamson (Stiùbhart às dèidh dhi pòsadh) a bha ag obair aig a’ champa rè a’ chogaidh. Chaochail Janet ann an 1928, ach chùm a teaghlach am bogsa mar ball-sinnsireachd teaghlaich luachmhor.
Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut: