Hydrometer meidigeach
Taigh-tasgaidh Ulapuil

Tha an t-inneal beag seo na urinometer. Chaidh a chleachdadh fad iomadh bliadhna gus an dùmhlachd choimeasach de mhùn daonna a thomhas. Tha seo a’ toirt dhuinn dùmhlachd mùin. Tha na tha air a eadar-sgaoileadh ann am mùn a’ toirt buaidh air seo, a’ gabhail a-steach salainn no pròtain.

Tha mòran thinneasan agus shuidheachaidhean slàinte a ghabhas a lorg bho bhith a’ dèanamh anailis air sampallan mùin, ach chuidicheadh an t-inneal seo dotair le bhith ag aithneachadh nuair nach robh na dubhagan ag obrachadh mar as còir no nan robh an t-euslainteach a’ fulang bho dhìth-uisge. San latha a th’ ann tha deuchainnean nas mìonaidiche agus nas fharsainge gan cleachdadh gus coimhead air na dìofar cheimigean ann am fuil is mùin.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1900-1940
Stuthan: Glainne
Meudachd: 8cm 
Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content