Trubhal agus òrd-fiodha taisbeanaidh
Taigh-cùirte Chrombaigh

Thòisich an cleachdadh a bhith a’ toirt seachad trubhal cuimhneachaidh, mar as trice air a dhèanamh ann an òr no airgead, aig toiseach na naoidheimh linn deug. B’ e rud sgeadaichte breagha a bh’ ann an trubhal a bhiodh air a chleachdadh gus clach-stèidh a chur ann, tachartas samhlachail cudromach mar as trice air a dhèanamh le neach a bha cudromach sa choimhearsnachd.

Ann an 1887, chaidh Talla Bhictoria ann an Cromba a thogail agus chaidh cuireadh a thoirt do dh’uaislean ionadail gu cuirm gus a’ chlach-stèidh a chur sìos. Chaidh an trubhal agus òrd-fiodha taisbeanaidh seo a thoirt dhan Bhean Uasal Ross à Taigh Chrombaidh, a chur sìos a’ chlach, mar chuimhneachan air an tachartas.

B’ e prìomh adhbhar Talla Bhictoria a bhith na thalla drile airson Saor-thoilich an Làmhachais (is urrainn dhut coimhead air Cupa Dùbhlan Saor-thoilich an Làmhachais air an làraich seo!). ’S e prìomh thalla poblach Chrombaigh a th’ ann a-nis.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1887
Stuthan: Airgead, ìbhri
Meudachd: 40cm x 30cm 

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content