Postair trusaidh do na Sìophortaich le Tom Curr
Taigh-tasgaidh nan Gàidheal

Chaidh postairean fastaidh a dhealbhadh gus daoine a bhrosnachadh a dhol a-steach dhan Arm. Bidh iad gu tric a’ cleachdadh raon de dhòighean sanasachd agus innealan brosnachaidh. An-diugh tha iad uaireannan air am faicinn mar propaganda, am facal a’ tha a' ciallachadh fiosrachadh a tha a’ brosnachadh sealladh sònraichte ann an dòigh mheallta no claon.   

Chaidh am postair fastaidh seo a dhealbh gus daoine a bhrosnachadh gus gabhail anns na Sìophortaich. Tha an dealbh a' sealltainn fear ann am fèileadh agus singlet, agus e a' tilgeil òrd, a' cur cuideam air èideadh Gàidhealach traidiseanta agus air neart. Tha suaicheantas rèisimeid nan Sìophortaich aig mullach a' phostair.  

 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1940s
Stuthan: Litograph air pàipear
Meudachd: 76cm x 47cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content