Lampa mèinneadair
Ionad Dualchais Bhùra
Tha coltas lampa gu math àbhaisteach air seo, ach chan eil e ach 4cm a dh’fhaid!
Chleachd mèinnearan guail tràth ann am Brùra lampaichean beaga mar seo, ris an canar lampaichean geire. Coltach ri poit tì bheag, bha an lampa beag air a lìonadh le geir bheathaichean agus buaic aodach shìos an srùb. Aon uair ’s gun robh e air a lasadh, bhiodh a’ bhuaic, a bha e air a bhogadh ann an geir, a’ toirt seachad solas fonn, an aon tùs solais a bh’ ann do mhèinnearan.
Is dòcha gun deach a dhèanamh gu h-ionadail le gobha sgileil a bha ag obair a rèir dealbhadh cumanta, ach chaidh ginealaichean de lampaichean na b’ fheàrr a chur nan àite às dèidh làimh.
Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut: