Glainne Sheumasach
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar

Tha a’ ghlainne-òil seo air a ghràbhaladh le samhlaidhean Seumasach. Bha e na phàirt chudromach de chultar dìomhair nan Seumasach a bhith ag òl deoch-slàinte do shliochd nan Stiùbhartach.   

Bhiodh na Seumasaich gu tric a’ toirt na glainne seachad air bobhla uisge gus deoch-slàinte a ghabhail airson an ‘Rìgh tarsainn an uisge’. Bha deoch-slàinte mhòr-chòrdte eile ann ‘dhan duine-uasal bheag anns a’ chòta mheileabhaid dhubh’. Bha seo na iomradh air Uilleim Orains a thuit far an eich aige, às dèidh dha tuisleadh air dùn-faimh. Bhris an Rìgh cnàimh an uga san tubaist agus chaochail e mar thoradh air seo.   

Tha na samhlaidhean Seumasach air an gràbhaladh air a’ ghlainne seo cumanta. Tha an rionnag sia-puingeach a’ riochdachadh rìoghalachd. Tha ròs a’ comharrachadh Seumas VIII (Seumas II Shasainn, 1688 - 1766) agus tha gucagan a’ riochdachadh a’ Phrionnsa Teàrlach Eideard (1720 - 1788) agus a bhràthair a b’ òige, am Prionnsa Eanraig Benedict (1725 – 1807)   

Tha an sluagh-gairm “Fiat” a' ciallachadh ‘Gun tachradh e’, a’ ciallachadh ‘biodh Stiùbhartach air an rìgh-chathair a-rithist’.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1750s
Stuthan: Glainne
Meudachd: 15cm x 6cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:

Skip to content