Sgian pàipeir agus spàin
Taigh-tasgaidh Gheàrrloch
B’ e Iain MacCoinnich, leis an robh an sgian-pàipeir agus an spàin seo, fear de na sgoilearan Gàidhlig a bu chudromaiche na latha. Tha e aithnichte mar ‘Iain MacCoinnich na Sàr-obrach’ às deidh a chruinneachadh de chunntasan eachdraidh-beatha agus bàrdachd nam bàrd Gàidhlig as fheàrr tro eachdraidh - "Sàr-obair nam Bàrd Gaelach". ’S e Sar Obair nam Bard Gaelach a chanar ris an leabhar seo agus tha e air eadar-theangachadh mar The Beauties of Gaelic poetry.
B’ e Iain MacCoinnich na Sàr-obrach a dh’fhoillsich obair Bàird ainmeil Gheàrrloch, Uilleam Ros. Thathar gu tric a’ cantainn Rabbie Burns na Gàidhealtachd ris, mar thoradh air càileachd litreachais a obair agus na cuspairean gaoil mum biodh e a sgrìobhadh. Chaidh carragh-chuimhne a thogail do dh’Iain MacCoinnich le fo-sgrìobhadh poblach mar chuimhneachan air agus tha e na sheasamh ri taobh an t-seann chladh anns a bheil uaigh Uilleim Rois.