Goil-chlach
Taigh-tasgaidh Gheàrrloch

Tha goil-chlachan gu tric rin lorg ann an làraichean bho Linn an Iarainn. Mar as trice, ’s e molagan tràigh rèidh a th’ annta a chaidh a chleachdadh gus uisge a theasachadh airson grunn diofar adhbharan. Bha na clachan air an teasachadh anns an teine agus air an cur dhan uisge fhuar. Mu dheireadh, bhiodh iad a’ sgàineadh mar thoradh air na h-atharrachaidhean mòra ann an teòthachd agus bhiodh iad air an tilgeil air falbh. Sin as adhbhar gum bi sinn a’ lorg na h-uimhir dhiubh air cladhaichean àrc-eòlais air làraichean bho Linn an Iarainn.  

Chaidh a’ ghoil-chlach seo a lorg nuair a chaidh taigh-cruinn a chladhach air a’ bheinn air cùlaibh Taigh-tasgaidh Gheàrrloch. Tha e inntinneach oir cha b’ e dìreach mollag tràigh sìmplidh a bh’ ann. Tha comharran cleachdaidh a’ sealltainn gur e clach-lìomhaidh a bh’ innte mus deach a cleachdadh mar ghoileadair. Is dòcha gun deach a chleachdadh airson craiceann a dhèanamh mìn agus tha i air a fàs mìn air an taobh shìos. Chaidh na trì pìosan dhìth a lorg còmhla, a’ sealltainn gur dòcha gun do laigh i an seo gu sàbhailte fad dà mhìle bliadhna gus an deach a lorg a-rithist.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1200-550 BCE
Stuthan: Clach
Meudachd: 10cm x 6.3cm x 4.5cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content