Bonn leth-ghròta Raibeart III
Taigh-cùirte Chrombaigh

Tha am bonn seo am measg mòran bhuinn airgid a chaidh a lorg le lorgairean meatailt anns na h-achaidhean os cionn Chrombaigh anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh. Tha seo air aon de bheagan bhuinn bho Rìgh Albannach a chaidh a lorg anns na h-achaidhean. Tha am bonn na leth-ghròta. Bha luach ceithir sgillinn air gròta, is mar sin, bha luach dà sgillinn ann an leth-ghròta. ’S e bonn le luach meadhanach ìosal a th’ ann, ach gu cinnteach bhiodh e na chall mòr dhan neach a chaill e.  

Tha fios againn gun deach am bonn seo a bhualadh uaireigin eadar 1390 agus 1403. Aig an àm seo, dh’òrdaich Rìgh Raibeart buinn ùra mar fhreagairt air gearradh bhuinn. ’S e a bh’ ann an gearradh ach cleachdadh far am biodh cuideigin a’ bearradh beagan airgid bho oir buinn airson a chumail. Chaidh am bonn seo a bhualadh mar phàirt de dh’oidhirpean an Rìgh cur às dhan chleachdadh mhì-laghail seo.  

Tha am bonn seo cuideachd a’ sealltainn gur docha gun robh Fèill Chrombaigh fhathast a’ ruith mar thachartas aig an àm seo – airson còrr air 200 bliadhna bho mu 1200 gu 1400. Is dòcha gun robh e ann ro na cinn-latha sin agus gun do lean e às an dèidh.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1390-1403
Stuthan: Airgead
Meudachd: 2cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content