Leac Snaighte an Teaghlaich Rois
Ionad Eòlas Thairbeart

Tha an uaigh seo anns a’ chladh aig Ionad Eòlas Thairbeirt, a’ comharrachadh teaghlach ionadail. Thathar a’ cuimhneachadh air Seòras Ros, Fear-tac Mhanachainn Rois, a bhean Mairead Hughan agus an cuid chloinne uile air an cuimhneachadh còmhla.   

Chaochail Mairead ann an 1741 agus tha an samhlaidheachd air mullach na cloiche, an leac sgrìobhte, na dheagh eisimpleir de a leithid.   

Ma bheir thu sùil gheur air seo, chì thu glainne-uaireach, claigeann agus cnàmhan-croise, spaid, ciste-laighe agus clag. Canar ‘memento mori’ ris na samhlaidhean sin uile, a tha nan cuimhneachan air ar bàsmhorachd agus a tha cumanta ann an eachdraidh nan ealan.   

Gu tric tha measgachadh de shamhlaidhean ann an cuimhneachan a tha a’ riochdachadh an dà chuid bàsmhorachd agus neo-bhàsmhorachd, leithid an fheadhainn a lorgar air plac eile, plac teaghlach MhicCoinnich, cuideachd ann an Tairbeart. Tha samhlaidhean neo-bhàsmhorachd a’ gabhail a-steach chearuban agus ainglean an aiseirigh. Ach, chan eil ach samhlaidhean de bhàsmhorachd air an uaigh seo.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1641
Stuthan: Clach-ghainmhich
Meudachd: 190cm x 61cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content