Bòtannan coiseachd
Taigh-tasgaidh Dualchas Ghleann Comhann

Bhiodh bòtannan coiseachd mar seo nan riatanas do dhuine sam bith a bha air chuairt ann an Gleann Comhann agus an sgìre.

Bhuineadh iad do Mrs Robinson, nèe Katherine Clayson MacFarlane. Thathar den bheachd gur e a duine, An t-Urr Archibald Eneas Robertson, a chiad neach a shreap na Rothaich uile. Tha an teirm seo ga chleachdadh airson air a h-uile beinn ann an Alba a tha còrr is 3000 troigh a dh’àirde – air ainmeachadh às dèidh Sir Hugh Munro a chur ri chèile liosta de 283 Rothach, a chaidh fhoillseachadh ann an 1891, a’ gabhail a-steach am fear as àirde, Beinn Nibheis.

Tha e coltach gun robh na bòtannan sin air Katherine nuair a shreap i an Rothach mu dheireadh aige còmhla ris ann an 1901. An turas seo, shreap e am Meall Dearg air Aonach Eagach ann an Gleann Comhann agus tha fios gun do phòg e an càrn agus an uair sin phòg e a bhean.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1890s – 1990s
Stuthan: Leathar, meatailt
Meudachd: 28cm x 18cm x 8cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content