Tomhais an cùl-mhùtaire
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar
Tha an tomhas copair seo a’ toirt dhuinn sgeulachd mu chùl-mhùtaireachd uisge-beatha mì-laghail. Air a lorg fon t-seann taigh-òsta ann an Inbhir Garadh, chaidh a thoirt dhan Taigh-tasgaidh ann an 1926.
Chaidh a tholladh, is dòcha le gàidsear gus nach gabhadh a chleachdadh tuilleadh. B’ e obair nan gàidsearan stad a chur air a’ mhalairt mhì-laghail seo.
Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut: