Stocainnean ann am pàtran Gheàrrloch
Taigh-tasgaidh Gheàrrloch

Tha na stocainnean seo air am fighe ann am pàtran sònraichte ‘Geàrrloch’, a chaidh a chlàradh an toiseach ann am meadhan na naoidheimh linn deug.

Thug teaghlach MhicCoinnich Gheàrrloch taic do sgeamaichean obrach dhan luchd-gabhail aca ri linn gort a’ bhuntàta anns na 1840an. Bhathar a’ brosnachadh snìomh agus fighe gus teachd a-steach a dhèanamh do bhoireannaich.

Bha stocainnean Gheàrrloch de chàileachd àrd agus chaidh an reic ann an Dùn Èideann agus Lunnainn. Bha iad rim faighinn ann an caochladh phàtranan agus dhathan, a’ gabhail a-steach an fhir seo a bha coltach ri tartan, am fear as mòr-chòrdte.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1970s
Stuthan: Clòimh
Meudachd: 40cm – 15cm 

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content