Fainne tress
Taigh-cùirte Chrombaigh
Ged nach eil coltas airgid orra dhuinn, chaidh iad seo a chleachdadh mar seòrsa airgid le treubhan Ceilteach. Canaidh sinn ‘proto-airgead’ ri seo. Eu-coltach ri buinn, a dh’fheumas a bhith air an cumail ann an spòrain no pocannan, dh’fhaodadh airgead fàinneach a bhith air a chaitheamh air aodach no a bhith air air a cheangal ri chèile. Chaidh a lorg le lorgaire meatailt.
Faodaidh lorg mheatailt uaireannan a bhith na chur-seachad sàrachail - ach tha e gu math buannachdail ann an deagh shìde agus do dhuine sam bith a tha fortanach gu leòr rudeigin mar seo a lorg!
Ge-tà, is ann glè ainneamh a lorgar fainne tress. Tha an tè seo neo-iomlan. Gu dearbha, chan ann tric a lorgas luchd-lorg ulaidh. Ach ann an Alba, feumar innse do dh’Aonad nan Ulaidh mu gach nì a lorgar a tha cudromach gu h-àrc-eòlach.
Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach
Ceann-latha: 1500-1000 BCE
Stuthan: Co-mheatailt copair còmhdaichte le foidhle òir
Meudachd: 12cm – 0.5cm
Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut: