Sleagh fiodha le craiceann nathair
Taigh-tasgaidh Inbhir Narann
Tha fios gur ann leis na Baggara le Arabaich Chadian a bha an t-sleagh Arabach seo. Tha lann meatailt biorach ann an cumadh duilleig agus crann fiodha. Tha craiceann nathrach air a phasgadh timcheall air aig gach ceann den chrann.
Tha e am measg grunn rudan annasach ann an cruinneachadh eitneòlach Taigh-tasgaidh Inbhir Narann. Bidh taighean-tasgaidh tric a’ bruidhinn mu dheidhinn 'tùs' nithean. Tha seo a’ ciallachadh sgeulachd an eachdraidh agus an luchd-seilbh gus an tàinig iad gu bhith sa chruinneachadh. Tha dìth fiosrachaidh mu eachdraidh no tùs an nì seo ag innse tòrr dhuinn.
Nuair a bha Ìmpireachd Bhreatainn aig a h-àirde, shiubhail cuid de dhaoine-uasal beairteach Bhictorianaich gu colonaidhean, gu tric a’ tilleadh le buill-airm mar seo a bharrachd air obraichean ealain is cultarail eile.
Thathar a’ creidsinn gun deach an t-sleagh seo a chruinneachadh le neach a bha a’ fuireach ann an Inbhir Narann, is dòcha airson a’ chruinneachadh phrìobhaideach aige fhèin. Bhiodh an craiceann nathrach a tha air an t-sleagh seo gu sònraichte tarraingeach dhaibhsan a bha a’ sireadh nan rudan as “annasaiche”.
Tha ath-mhìneachadh nas ùire air an eachdraidh seo a-nis a’ togail ceist mu dhìth tuigse chultarach, gu h-àraidh leis gun deach mòran stuthan cultarail cudromach a ghabhail gun aire dhan cho-theacsa aca no dhan adhbhar tùsail aca.