Cupa Dùbhlan Saor-thoilich Làmhachais Chrombaigh
Taigh-cùirte Chrombaigh

Bheir an cupa seo deagh shealladh dhuinn air beachdan ann an Cromba ann am mheadhan linn Bhictoria. Bha dragh air tòrr dhaoine aig an àm gum biodh cogadh eile ann leis an Fhrang.

Chruthaich Pàrlamaid sreath de dhaingnichean agus rèisimeidean làmhachais saor-thoileach aig àiteachan ro-innleachdail timcheall air costa Bhreatainn. Leis gun robh Cromba aig beul Caolas Chrombaigh, bhathar den bheachd gur e acarsaid nèibhidh air leth cudromach a bh’ ann.

Chaidh rèisimeid shaor-thoileach a stèidheachadh an seo. Chaidh an cupa seo a thoirt do Sheòras MacCoinnich ann an 1865 airson a 'èifeachdas mar bhall de na saor-thoilich'.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1865
Stuthan: Airgead
Meudachd: 20cm x 8cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content