‘A’ Luadhadh an Aodach’ le Jemima Blackburn
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar

Tha an dealbh seo a’ sealltainn boireannaich a’ luadhadh anart air cladach Loch nan Uamh. 

Tha iad nan suidhe ann an cearcall le ùird-fiodha ghoirid agus iad a’ seinn, le uaislean a’ coimhead orra. Tha luaidh a’ ciallachadh a bhith a’ tarraing no a’ sìneadh bhreacan ann an cumadh às dèidh fighe. 

Anns an luadhadh choitcheann seo, bhiodh boireannaich a’ seinn òrain Ghàidhlig agus ag aithris bàrdachd airson beagan spòrs. Chaidh an dealbh a chruthachadh le Jemima Wedderburn Blackburn (1823 – 1909), neach-ealain cliùiteach Albannach a bha a’ fuireach ann an Rois-bheinn. Ged nach d’ fhuair i trèanadh foirmeil sam bith ann an ealain, bha i na peantair dath-uisge le comas air leth. 

Thathar ag ràdh gun do stèidhich Beatrice Potter a caractar Jemima Puddle-Duck air Jemima Blackburn. A rèir choltais bha an t-ùghdar measail air an obair aice!

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1870
Stuthan: Dath-uisge air canabhas
Meudachd: 74cm x 28cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content