Masg bàis a’ Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar
Thathar den bheachd gu bheil am masg bàis umha seo na lethbhreac de mhasg tùsail a rinn Bernardina Lucchesi, ball de theaghlach de mhodalairean anns an Ròimh. Thugadh a dh’ Albainn le Lucchesi an 1839, agus chaidh a thoirt sìos tron teaghlach aige.
Is e masg de dh’aodann neach a nithear às dèidh dhaibh bàsachadh a th’ ann am masg bàis.
Chaidh Lucchesi a dh’fhuireach ann an Glaschu far an do lean e air ag obair mar mhodalair gu 1863. Thàinig cruaidh-chàs air Lucchesi aig amannan cruaidh agus chaidh cuid den t-seilbh aige, am masg nam measg, a reic. Mu dheireadh chaidh am masg a cheannach le snaigheadair leis an ainm Fearghasdan. Nuair a thàinig e gu seilbh Fearghasdain bhathar ag ràdh gun robh falt air a cheangal ris na sùilean agus ris na malaidhean agus ris na ruisg!
Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut: