Geansaidh iasgair
Taigh-tasgaidh Inbhir Narann
Chaidh an cruthachadh mar aodach obrach practaigeach do dh’iasgairean, a’ toirt blàths agus dìon dhaibh bho àrainneachd chruaidh na mara. Mar bu trice bhiodh na geansaidhean air am fighe gun fhàitheam gus am biodh iad cho làidir agus cho seasmhach ’s a ghabhadh.
Tha na dealbhaidhean aca gun samhail agus gu math samhlachail, sa chumantas a’ toirt còrr air 150 uair a thìde gus am fighe! Canar ‘loidhnichean pòsaidh’ ri pàtran cam-fhiarach agus tha e a’ sealltainn gu bheil deagh amannan agus droch anamman aig càraidean pòsta.
Am measg nan samhlaidhean eile tha triantan ann an cumadh craoibhe, a’ riochdachadh 'craobh na beatha'. Tha an cumadh X a’ riochdachadh crosgaig.
Bidh ciad litrichean ainmean an neach-seilbh cuideachd gu tric mar phàirt den dealbhadh.