Dealbh de thaigh-òsta ann an Ros Maircnidh
Taigh-tasgaidh Taigh a’ Ghroinn

Tha an dealbh camara seo a’ sealltainn taigh-òsta a chaidh a thogail san linn Bhioctorianach ann an Ros Maircnidh san Eilean Dubh nuair a bha e as soirbheachaile anns na 1920an. Fhuair Taigh-òsta Hawkhill, air an robh Taigh-òsta na Mara nas fhaide air adhart, buannachd bho cho mòr-chòrdte ’s a bha Ros Maircnidh mar àite turasachd.  

Bhiodh daoine beairteach a’ tadhal air an taigh-òsta. Dh’fhàs Ros Maircnidh mòr-chòrdte aig deireadh linn Bhictoria agus chaidh an taigh-òsta a leudachadh tuilleadh anns na 1930an. Ged a tha an t-Eilean Dubh fhathast na cheann-uidhe turasachd cudromach, tha am fàs ann an làithean-saora air prìs reusanta thall-thairis air buaidh a thoirt air. Tha an togalach seo air a bhith na dhachaigh do sheann daoine bho 1996. 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1926
Stuthan: Pàipear Dealbhan-camara
Meudachd: 14cm x 9cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content