Terence Cuneo,
Anduki Landing – Brunei’
Taigh-tasgaidh nan Gàidheal

Tha an dealbh seo de shealladh tropaigeach a’ cuideachadh gus sealltainn na rinn shaighdearan Arm Bhreatainn a chaidh a chuir a-null thairis. Tha e a’ sealltainn tachartas ann an 1962, nuair a thàinig Gàidheil na Banrigh air tìr aig raon-adhair Anduki ann am Brunei.   

Aig an àm seo, cha robh an dùthaich aonaichte am bu chòir dha a dhol na pàirt de Mhalèisia. Ghabh buidheann 'anti-chaidreachas' (daoine nach robh airson gum biodh Brunei na phàirt de Mhalèisia) ris an canar an TNKU daoine am bruid ann a’ chòmhstri. Chaidh Gàidheil na Banrigh a chur ann gus na bhràighdean a shaoradh agus gus stad a chur air reubaltaich TNKU.   

Seo eisimpleir de chòmhstri iar-colonaidheach, far an robh feachdan Bhreatainn fhathast an sàs ann am poilitigs dhùthchannan nach robh nan colonaidhean tuilleadh.  

Pheant an neach-ealain, Terence Cuneo, iomadh sealladh de bhlàran airm. Bhiodh e daonnan a’ falach luchag bheag anns na dealbhan aige uile. An seo, chithear e a’ ruith còmhla ri Gàidheil na Banrighinn – a urrainn dhut fhaicinn?  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1978
Stuthan: Peant ola, frèama plàstair deiltreach, canabhas
Meudachd: 150cm x 100cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content