Ealain le prìosanach Cogaidh
Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair

Is dòcha gu bheil cruth sìmplidh gu leòr air a’ bhogsa fiodha cheart-cheàrnach seo. Ach ’s ann a chaidh a dhèanamh le Daibhidh MacAoidh à Fàrr (ris an canar cuideachd Davie Doul) fhad ’s a bha e na phrìosanach cogaidh aig àm a’ Chogaidh Mhòir.

Nuair a bha daoine am brùid, bha a bhith a’ dèanamh rudan sìmplidh mar seo na dhòigh chudromach air dèiligeadh ri dìth brosnachaidh agus uairean fada. Bha mòran de dh’ealain nam POW gu math sìmplidh, air a dhèanamh gu soilleir le daoine neo-phròifeiseanta, ach tha cuid de na h-eisimpleirean a’ sealltainn gu bheil sgil agus trèanadh aca, a’ nochdadh na dh’ionnsaich luchd-dèanaidh roimhe.

Ann an cuid de chùisean, bha reic an cuid ealain na dhòigh do phrìosanaich teachd a-steach glè bheag a dhèanamh gus an cuideachadh le bhith beò am brùid, ged a tha e coltach gun tug Daibhidh MacAoidh an eisimpleir seo air ais don Ghàidhealtachd.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1914-1918
Stuthan: Fiodh
Meudachd: 10.5cm x 23cm x 9cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content