Unga aluiminium
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar

Dh’fhosgail leaghadair aluminium Loch Abar anns a’ Ghearasdan ann an 1929. Bha am British Aluminium Company air raon de 303 miltean cearnagach a leasachadh timcheall air Beinn Nibhis far a bheil ìre uisge cuibheasach de 406 cm gach bliadhna. Bha seo air leth freagarrach airson an sgeama dealan-uisge a bhiodh a dhìth gus an t-aluiminium a dhèanamh.

Chaidh am bloc beag aluiminium seo a dhèanamh bhon chiad mhòlltachadh a chaidh a dhèanamh air 30 Dùbhlachd 1929. Chaidh an t-unga a thoirt do dh’aon den àrd-luchd-obrach togail.

Tha an leaghadair air a bhith na fhastaiche cudromach sa Ghearasdan fad còrr is 90 bliadhna. Tha e fhathast fosgailte agus ’s e an leaghadair aluiminium mu dheireadh a tha air fhàgail san Rìoghachd Aonaichte a th’ ann.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1929
Stuthan: Aluiminium 
Meudachd: 12cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content