Mapa seòmar-clas
Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd

Tha e coltach gum biodh am mapa seo air a thaisbeanadh ann an seòmar-teagaisg gus teagasg do chloinn mu chruinn-eòlas nan Innseachan. Bheir e sealladh dhuinn air atharrachaidhean ann an cruinn-eòlas poilitigeach na cruinne.  

Tha am mapa, a rinneadh ann an 1900 a’ sealltainn ’Na h-Innseachan, Burma agus Ceylon’. San latha an-diugh, bhiodh an aon mhapa a’ sealltainn Pagastan, na h-Innseachan, Bangladesh, Sri Lanka, agus Myanmar (a bharrachd air Nepal agus Bhutan sa cheann a tuath).   

Tha dealbh beag anns an oisean shìos air an làimh dheis a’ sealltainn Thailand agus an t-ainm colonaidheach a bh’ air roimhe, ’Siam’. Tha seo a’ sealltainn gun deach am mapa a dhèanamh às dèidh do Shiam ainm atharrachadh gu Thailand ann an 1939, ach mus deach na h-Innseachan a sgaradh ann an 1947. 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1939-1947
Stuthan: Anart, fiodh
Meudachd: 100cm x 120cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content