Sgillinn Crois Fhada aig Èideard 1
Taigh-cùirte Chrombaigh

Tha am bonn seo am measg mòran bhuinn airgid a chaidh a lorg le lorgairean meatailt anns na h-achaidhean os cionn Chrombaidh anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh. Chaidh an lorg anns na h-achaidhean far an deach an fhèill bhliadhnail mheadhan-aoiseil a chumail còmhla ri mòran stuthan meatailt eile leithid pìosan acfhainn eich, spuirean, glagan, agus cuideaman. Tha seo a’ sealltainn gun robh an fhèill na thachartas cudromach agus soirbheachail.  

Chaidh am bonn seo a bhualadh ann an 1279 agus tha ceann Rìgh Èideird air aon taobh agus crois fhada, samhla Crìosdail, air an taobh eile. Is e bonn le luach meadhanach ìosal a th’ ann, ach gu cinnteach bhiodh e na chall mòr dhan neach a leig às e.   

’S e bonn Sasannach a tha seo a bha air a chleachdadh aig àm nuair a bha Alba na rìoghachd air leth. Tha seo a’ sealltainn gun robh malairt a’ dol air adhart eadar an dà rìoghachd agus gun robh buaidh fharsaing aig Cromba air a’ mhalairt seo. 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1279
Stuthan: Airgead
Meudachd: 2cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content